Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, Nuair a bha an leanabh fhathast beò, thraisg mi agus ghuil mi: oir thubhairt mi, Cò aig a bheil fhios nach gabh Dia truas rium, agus nach mair an leanabh beò?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt a sheirbhisich ris, Ciod e an nì seo a rinn thu? Airson an leinibh, nuair a bha e beò, thraisg thu agus ghuil thu: ach nuair a dh’eug an leanabh, dh’èirich thu agus dh’ith thu aran.

Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.

Falbh agus abair ri Heseciah, Mar seo deir an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir; feuch, cuiridh mi rid làithean còig-bliadhna-deug;

Naomhaichibh-se trasgadh, gairmibh là toirmisg, cruinnichibh na seanairean, uile luchd-àiteachaidh na tìre, gu taigh an Tighearna ur Dia, agus glaodhaibh ris an Tighearna.

Cò aig a bheil fios nach till, agus nach gabh e aithreachas, agus nach fàg e beannachd na dhèidh, tabhartas-bìdh, agus tabhartas-dibhe, don Tighearna ur Dia?

Fuathaichibh an t‑olc, agus gràdhaichibh am math, agus daingnichibh breitheanas anns a’ gheata; theagamh gum bi an Tighearna, Dia nan sluagh, gràsmhor do iarmad Iòseiph.

An sin thàinig maighistir na luinge da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod as ciall dhut, O thusa a tha ad chadal? Eirich, gairm air do Dhia; theagamh gun smaoinich Dia oirnn, a‑chum nach bàsaich sinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan