Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’èirich Daibhidh on talamh, agus dh’ionnlaid agus dh’ung e e fhèin, agus mhùth e a aodach, agus chaidh e a‑steach do thaigh an Tighearna, agus rinn e adhradh: an sin thàinig e da thaigh fhèin, agus nuair a dh’iarr e, chuir iad aran fa chomhair, agus dh’ith e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a chunnaic Daibhidh gu robh a sheirbhisich ri cagarsaich, thuig Daibhidh gu robh an leanabh marbh: uime sin thubhairt Daibhidh ra sheirbhisich, A bheil an leanabh marbh? Agus thubhairt iadsan, Tha e marbh.

An sin thubhairt a sheirbhisich ris, Ciod e an nì seo a rinn thu? Airson an leinibh, nuair a bha e beò, thraisg thu agus ghuil thu: ach nuair a dh’eug an leanabh, dh’èirich thu agus dh’ith thu aran.

Agus chuir Ioab fios gu Tecòah, agus thug e as a sin bean ghlic, agus thubhairt e rithe, Leig ort a bhith ri bròn, guidheam ort, agus cuir ort a‑nis aodach bròin, agus na ung thu fhèin le ola, ach bi mar mhnaoi a tha a‑nis fada ri bròn airson mairbh:

Agus thàinig Mephiboset, mac Shauil, a‑nuas an coinneamh an rìgh, agus cha do dheasaich e a chasan, agus cha do chuir e snas air a fheusaig, agus cha do nigh e a aodach on là anns an do thriall an rìgh, gus an là anns an tàinig e a‑rìs ann an sìth.

Agus thug iad a‑steach àirc an Tighearna, agus chuir iad suas i na h‑àite, ann am meadhon a’ phàillein a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug Daibhidh suas ìobairtean-loisgte am fianais an Tighearna, agus ìobairtean-sìthe.

An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo?

An sin dh’èirich Iob, agus reub e a fhallaing, agus bheàrr e a cheann, agus thuit e sìos air an talamh, agus rinn e adhradh.

Ach thubhairt esan rithe, Mar a labhras aon de na mnathan amaideach tha thu a’ labhairt: seadh, an gabh sinn math o làimh Dhè, agus nach gabh sinn olc? An seo uile cha do pheacaich Iob le a bhilean.

Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus moladh gach nì a tha an taobh a‑staigh dhìom a ainm naomh-san.

Is tròcaireach agus is gràsmhor an Tighearna, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an coibhneas gràidh.

Bha mi am thosd, cha d’fhosgail mi mo bheul, a chionn gur tusa a rinn e.

O thigibh, sleuchdamaid, agus cromamaid sìos; tuiteamaid air ar glùinean am fianais an Tighearna a rinn sinn;

Na bi glic ad shùilean fhèin; biodh eagal an Tighearna ort, agus trèig olc.

Biodh d’earradh anns gach àm geal; agus na biodh dìth ola-ungaidh air do cheann.

Ach thusa, nuair a nì thu trasgadh, cuir ola air do cheann, agus ionnail d’aghaidh:

Cha d’ung thusa mo cheann le ola: ach dh’ung ise mo chasan le ola chùbhraidh.

Uime sin nigh thu fhèin, agus ung thu fhèin, agus cuir do thrusgan ort, agus gabh sìos don ùrlar-bhualaidh: ach na dèan thu fhèin aithnichte don duine, gus an sguir e a dh’ithe agus a dh’òl.

A‑nis uime sin, guidheam ort, lagh mo pheacadh, agus till maille rium, a‑chum gun dèan mi adhradh don Tighearna.

Agus thill Samuel an dèidh Shauil; agus rinn Saul adhradh don Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan