Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air an t‑seachdamh là fhuair an leanabh bàs; agus bha eagal air seirbhisich Dhaibhidh innse dha gu robh an leanabh marbh: oir thubhairt iad, Feuch, nuair a bha an leanabh fhathast beò, labhair sinn ris, agus chan èisdeadh e ri ar guth: cionnas matà, ma dh’innseas sinn dha gu bheil an leanabh marbh, a chràidheas e e fhèin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

3 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig seanairean a thaighe da ionnsaigh, ga thogail suas on talamh: ach cha b’àill leis, cha mhò a dh’ith e aran maille riu.

Ach nuair a chunnaic Daibhidh gu robh a sheirbhisich ri cagarsaich, thuig Daibhidh gu robh an leanabh marbh: uime sin thubhairt Daibhidh ra sheirbhisich, A bheil an leanabh marbh? Agus thubhairt iadsan, Tha e marbh.

Mar a chaidh ar n‑athraichean sìos don Eiphit, agus a ghabh sinn còmhnaidh anns an Eiphit aimsir fhada; agus bhuin na h‑Eiphitich gu h‑olc rinne, agus ri ar n‑athraichean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan