Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin ghuidh Daibhidh air Dia airson an leinibh; agus thraisg Daibhidh, agus chaidh e a‑steach, agus laigh e rè na h‑oidhche air an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhalbh Nàtan da thaigh fhèin: agus bhuail an Tighearna an leanabh a rug bean Uriah do Dhaibhidh, agus bha e ro‑thinn.

Agus thubhairt esan, Nuair a bha an leanabh fhathast beò, thraisg mi agus ghuil mi: oir thubhairt mi, Cò aig a bheil fhios nach gabh Dia truas rium, agus nach mair an leanabh beò?

An sin dh’èirich an rìgh, agus reub e a aodach, agus laigh e air an talamh; agus sheas a sheirbhisich uile làimh ris len aodach reubte.

Agus nuair a chuala Ahab na briathran sin, reub e a aodach, agus chuir e sac-aodach air a fheòil, agus thraisg e, agus laigh e ann an sac-aodach, agus ghluais e gu fòil.

Agus nuair a chuala mi na briathran seo, shuidh mi sìos, agus ghuil mi, agus rinn mi bròn làithean àraidh, agus thraisg mi, agus rinn mi ùrnaigh am fianais Dia nan nèamh,

Falbh, cruinnich ri chèile na h‑Iùdhaich uile a gheibhear ann an Susan, agus traisgibh air mo shon-sa, agus na ithibh agus na òlaibh rè trì làithean, a là no a dh’oidhche: traisgidh mise agus mo mhaighdeannan air an dòigh cheudna; agus an sin thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, nì nach eil a rèir an lagha; agus mar sin ma bhàsaicheas mi, bàsaicheam.

Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.

Agus nuair a dh’irioslaich mi m’anam le trasgadh, bha e na mhasladh dhomh.

Agus anns an là sin ghairm Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, gu gul, agus gu caoidh, agus gu maoile, agus gu crioslachadh le aodach-saic:

A Thighearna, ann an àmhghar dh’iarr iad thu: dhòirt iad a‑mach an athchuinge nuair a bha do smachdachadh orra.

An sin chaidh an rìgh da lùchairt, agus chaith e an oidhche ri trasg: cha mhò a thugadh innealan-ciùil na làthair; agus dh’imich a chadal uaithe.

Agus chuir mi m’aghaidh ris an Tighearna Dia, ga iarraidh le ùrnaigh agus le athchuinge, le trasg, agus le aodach-saic, agus le luaithre:

Cò aig a bheil fhios nach till Dia, agus nach gabh e aithreachas, agus nach till e o a dhian-chorraich, air chor is nach bàsaich sinn?

Agus bha e trì làithean gun fhradharc, agus cha d’ith agus cha d’òl e nì air bith.

Agus reub Iosua a aodach, agus thuit e gu làr air a aghaidh ro àirc an Tighearna, gu tràth feasgair, e fhèin agus seanairean Israeil, agus chuir iad duslach air an cinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan