Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhalbh Nàtan da thaigh fhèin: agus bhuail an Tighearna an leanabh a rug bean Uriah do Dhaibhidh, agus bha e ro‑thinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, a chionn leis a’ ghnìomh seo gun tug thu air naimhdean an Tighearna mòr-thàir a dhèanamh air, gheibh mar an ceudna am mac a rugadh dhut gu cinnteach bàs.

Uime sin ghuidh Daibhidh air Dia airson an leinibh; agus thraisg Daibhidh, agus chaidh e a‑steach, agus laigh e rè na h‑oidhche air an talamh.

Agus bhuail an Tighearna an rìgh, agus bha e na lobhar gu là a bhàis, agus ghabh e còmhnaidh ann an taigh air leth: agus bha Iotam mac an rìgh os cionn an taighe, a’ toirt breith air sluagh na tìre.

Agus cha d’fhuair Ierobòam neart nas mò ann an làithean Abiah: agus bhuail an Tighearna e, agus fhuair e bàs.

Falaichidh tu do ghnùis, bidh iad fo amhluadh; bheir thu uapa an deò, eugaidh iad, agus tillidh iad rin ùir.

Agus air ball bhuail aingeal an Tighearna e, do bhrìgh nach tug e a’ ghlòir do Dhia: agus dh’itheadh le cnuimhean e, agus chaidh an deò as.

Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.

Agus mu thimcheall deich làithean na dhèidh sin bhuail an Tighearna Nàbel, agus fhuair e bàs.

Thubhairt Daibhidh mar an ceudna, Mar as beò an Tighearna, buailidh an Tighearna e, no thig a là anns am faigh e bàs, no thèid e sìos don chath agus tuitidh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan