Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh, a chionn leis a’ ghnìomh seo gun tug thu air naimhdean an Tighearna mòr-thàir a dhèanamh air, gheibh mar an ceudna am mac a rugadh dhut gu cinnteach bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhalbh Nàtan da thaigh fhèin: agus bhuail an Tighearna an leanabh a rug bean Uriah do Dhaibhidh, agus bha e ro‑thinn.

Mar an ceudna thubhairt mi, Cha mhath an nì a tha sibh a’ dèanamh: nach buineadh dhuibh gluasad ann an eagal ar Dè, airson masladh nan cinneach, ar naimhdean?

Na biodh nàire air mo sgàth-sa orrasan a dh’fheitheas ortsa, a Thighearna Dhè nan slògh; na biodh, air mo sgàth-sa, amhluadh orrasan a dh’iarras thusa, a Dhè Israeil.

Cia fhad, a Dhè, a bheir an t‑eascaraid beum? An dèan an nàmhaid tarcais air d’ainm gu bràth?

Is beannaichte an duine a smachdaicheas tusa, a Thighearna, agus a theagaisgeas tu as do lagh;

A Thighearna ar Dia, fhreagair thusa iad; is tu an Dia a thug maitheanas dhaibh, ged rinn thu dìoghaltas airson an gnìomharan.

Agus a‑nis, ciod a tha agamsa an seo, deir an Tighearna, o thugadh air falbh mo shluagh air neoni? Tha an luchd-riaghlaidh a’ toirt orra caoineadh, deir an Tighearna; agus tha m’ainm-sa an còmhnaidh, gach aon là, a’ faghail toibheim.

Is sibhse a‑mhàin air an do ghabh mi eòlas de uile theaghlaichean na talmhainn: uime sin smachdaichidh mi sibh airson ur n‑uile lochdan.

Is an‑aoibhinn don t‑saoghal airson oilbheuman: oir is èiginn do oilbheuman teachd; ach is an‑aoibhinn don duine sin tron tig an oilbheum.

Oir tha ainm Dhè a’ faotainn toibheim, dur taobh-se am measg nan Cinneach, mar a tha e sgrìobhte.

Ach nuair a bheirear breith oirnn, tha sinn air ar smachdachadh leis an Tighearna, a‑chum nach bitheamaid air ar dìteadh maille ris an t‑saoghal.

Oir an tì as ionmhainn leis an Tighearna, smachdaichidh e, agus sgiùrsaidh e gach mac ris an gabh e.

A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan