Oir rinn thusa e gu diamhair; ach nì mise an nì seo am fianais Israeil uile, agus am fianais na grèine.
Agus sgaoil iad bùth do Absalom air mullach an taighe; agus chaidh Absalom a‑steach a dh’ionnsaigh coileabaich a athar ann an sealladh Israeil uile.
Meileadh mo bhean do neach eile, agus cromadh daoine eile oirre:
Chan eil dorchadas no sgàil bàis ann, far am falaich luchd-dèanamh na h‑aingidheachd iad fhèin.
Oir bheir Dia gach obair a‑chum breitheanais, maille ris gach nì diamhair, mas math no mas olc e.
Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.