Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, togaidh mise suas olc ann ad aghaidh as do thaigh fhèin; agus gabhaidh mi do mhnathan fa chomhair do shùl, agus bheir mi iad dod choimhearsnach, agus laighidh e led mhnathan ann an sealladh na grèine seo:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ach chuir Absalom luchd-bratha air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Cho luath is a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin their sibh, Tha Absalom na rìgh ann an Hebron.

Agus thubhairt Daibhidh ra sheirbhisich uile a bha maille ris ann an Ierusalem, Eiribh, agus teicheamaid; oir mura dèan sinn sin, cha bhi dol as againn o aghaidh Absaloim; greasaibh agus imichibh, air eagal gun dèan e cabhag, agus gum beir e oirnn, agus gun tarraing e olc oirnn, agus gum buail e am baile le faobhar a’ chlaidheimh.

Agus air an dòigh seo rinn Absalom ri Israel uile a thàinig a‑chum breitheanais a dh’ionnsaigh an rìgh: agus ghoid Absalom cridheachan daoine Israeil.

Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, agus ra sheirbhisich uile, Feuch, mo mhac, a thàinig a‑mach à m’innibh, ag iarraidh m’anama; agus cia mòr as mò a‑nis a dh’fhaodas am Beniàmineach seo? Leigibh leis, agus mallaicheadh e, oir dh’iarr an Tighearna air.

Meileadh mo bhean do neach eile, agus cromadh daoine eile oirre:

Agus ma bhios am fàidh air a mhealladh an tràth a labhair e nì, is mise an Tighearna a mheall am fàidh sin; agus sìnidh mi mo làmh a‑mach air, agus sgriosaidh mi e o mheadhon mo phobaill Israeil.

Cha mhò a chuireas e mnathan an lìonmhorachd dha fhèin, a‑chum nach claon a chridhe air falbh; cha mhò a mheudaicheas e gu mòr dha fhèin airgead agus òr.

Nì thu ceangal-pòsaidh ri mnaoi, agus laighidh fear eile leatha: togaidh tu taigh, agus cha ghabh thu còmhnaidh ann: suidhichidh tu fìonlios, agus cha tionail thu a fhìondhearcan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan