Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin cha dealaich an claidheamh rid thaigh gu bràth, do bhrìgh gun do rinn thu tàir orm, agus gun do ghabh thu bean Uriah an t‑Hiteach gu bhith na mnaoi dhut fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu airson na mnà a ghabh thu; oir is bean duine eile i.

Agus ghluaiseadh an rìgh gu mòr, agus chaidh e suas don t‑seòmar os cionn a’ gheata, agus ghuil e: agus ag imeachd dha, thubhairt e mar seo. A mhic, Absaloim! A mhic, a mhic, Absaloim! O nach mise fhèin a fhuair bàs air do shon, Absaloim, a mhic, a mhic!

A chionn gun do rinn Daibhidh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus nach do chlaon e o na h‑uile nithean a dh’àithn e dha rè uile làithean a bheatha, ach a‑mhàin an cùis Uriah an t‑Hiteach.

Ge bè dh’ìocas olc airson maith, cha dealaich olc ra thaigh.

Agus cuirear ionadan àrda Isaaic fàs; agus nìthear naomh-ionadan Israeil nan làraich sgaoilte, agus èiridh mise an aghaidh taigh Ierobòaim leis a’ chlaidheamh.

Ach eadhon mìos iomlan, gus an tig i a‑mach à cuinneinean ur sròn, agus gum bi i gràineil dhuibh; a chionn gun do rinn sibh tàir air an Tighearna a tha nur measg, agus gun do ghuil sibh na làthair, ag ràdh, Carson a thàinig sinn a-mach as an Eiphit?

An sin thubhairt Iosa ris, Cuir a‑rìs do chlaidheamh air ais na ionad fhèin, oir iadsan uile a ghlacas an claidheamh, tuitidh iad leis a’ chlaidheamh.

Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon.

No an dèan thu tarcais air saoibhreas a mhaitheis, agus a fhoighidinn, agus a fhad-fhulangais, gun fhios a bhith agad gu bheil maitheas Dhè gad threòrachadh a‑chum aithreachais?

Uime sin an neach a nì tàir, chan ann air duine a tha e a’ dèanamh tàir, ach air Dia, a thug dhuinn a Spiorad Naomh fhèin.

Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan