Agus nuair a dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, Cha deachaidh Uriah sìos da thaigh, thubhairt Daibhidh ri Uriah, Nach ann od thuras a thàinig thu? Carson matà nach deachaidh tu sìos dod thaigh?
Agus ghairm Daibhidh air, agus dh’ith agus dh’òl e na fhianais, agus chuir e air mhisg e; ach chaidh e a‑mach mu fheasgar a laighe na leabaidh maille ri seirbhisich a thighearna, agus da thaigh fhèin cha deachaidh e sìos.