Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 11:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Daibhidh fios uaithe gu Ioab, ag ràdh, Cuir am ionnsaigh Uriah an t‑Hiteach. Agus chuir Ioab Uriah a dh’ionnsaigh Dhaibhidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ma nì thu gu math, nach gabhar riut? Agus mura dèan thu gu math, aig an doras tha peacadh na laighe. Agus riutsa bidh a thogradh, agus bidh uachdaranachd agad air.

Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus chuir i fios uaipe, agus dh’innis i do Dhaibhidh, agus thubhairt i, Tha mi torrach.

Agus nuair a thàinig Uriah da ionnsaigh, dh’fheòraich Daibhidh dheth cionnas a bha Ioab, agus cionnas a bha an sluagh, agus cionnas a chaidh an cogadh air aghaidh.

Uriah an t‑Hiteach: seachd-deug ar fhichead uile.

An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.

Uime sin thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil an sluagh seo a’ teachd dlùth dhòmhsa lem beul, agus a’ toirt onair dhomh lem bilean, ach nan cridhe gun do theich iad fada uam; agus gu bheil an eagal romhamsa air a theagasg le àitheantan dhaoine;

Ach dh’àich esan nan làthair uile, ag ràdh, Chan eil fhios agam ciod a tha thu ag ràdh.

Agus dh’àich e a‑rìs le mionnan, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine.

An sin thòisich e ri mallachadh agus mionnachadh, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine. Agus air ball ghoir an coileach.

An sin thubhairt e, Pheacaich mi; gidheadh a‑nis thoir urram dhomh, guidheam ort, am fianais seanairean mo shluaigh, agus am fianais Israeil, agus till maille rium, a‑chum gun dèan mi adhradh don Tighearna do Dhia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan