Agus chuir Daibhidh uaithe teachdairean, agus ghabh e i; agus thàinig i a‑steach da ionnsaigh, agus laigh e leatha (oir bha i air a glanadh o a neòghlaine), agus thill i da taigh fhèin.
Agus nuair a chunnaic Sechem mac Hamoir, an t‑Hibheach, uachdaran na tìre, i, ghabh e i, agus laigh e leatha, agus thruaill e i.
Agus an dèidh nan nithean sin leag bean a mhaighistir a sùilean air Iòseph agus thubhairt i, Laigh leamsa.
Oir rinn thusa e gu diamhair; ach nì mise an nì seo am fianais Israeil uile, agus am fianais na grèine.
Ma chunnaic thu gadaiche, dh’aontaich thu leis, agus maille ri luchd adhaltranais bha do chuibhreann.
Mar seo tha slighe ban-adhaltranaich: ithidh i, agus glanaidh i a beul, agus their i, Cha do rinn mi olc air bith.
Mar an ceudna, a’ bhean leis an laigh fear le sìol-gin, nighidh iad araon iad fhèin ann an uisge, agus bidh iad neòghlan gu feasgar.
Mar an ceudna cha tig thu am fagas do mhnaoi a leigeadh ris a nochd, nuair a chuirear air leth i airson a neòghlaine.
Cha mhò a nì thu adhaltranas.