Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 11:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha am bròn thairis, chuir Daibhidh fios oirre, agus thug e i a dh’ionnsaigh a thaighe, agus bha i na mnaoi aige, agus rug i mac dha: ach bha an nì a rinn Daibhidh olc ann an sùilean an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus bha an nì a rinn e olc ann an sealladh an Tighearna: uime sin mharbh e esan mar an ceudna.

Carson a rinn thu tàir air àithne an Tighearna, le olc a dhèanamh na fhianais? Uriah an Hiteach bhuail thu leis a’ chlaidheamh, agus a bhean ghabh thu na mnaoi dhut fhèin, agus esan mharbh thu le claidheamh chloinn Amoin.

Ach ma their e mar seo, Chan eil tlachd agam annad; feuch, tha mise an seo, dèanadh e rium mar as math leis.

Agus nuair a chuala Ahab gu robh Nàbot marbh, dh’èirich Ahab a dhol sìos gu fìonlios Nàboit an t‑Iesreeleach, a ghabhail seilbh ann.

Agus thubhairt Ahab ri Eliah, An d’fhuair thu mi, O mo nàmhaid? Agus thubhairt esan, Fhuair mi thu; a chionn gun do reic thu thu fhèin a dhèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna.

Agus mhì-thaitinn an nì seo ri Dia; uime sin bhuail e Israel.

Sgriosaidh tu luchd-labhairt bhreug; is gràin leis an Tighearna an duine fuileachdach agus cealgach.

Mar sin esan a thèid a‑steach a‑chum bean a choimhearsnaich: cha bhi neach air bith neochiontach a bheanas rithe.

Is truagh dhaibhsan a tha ag iarraidh an comhairle fhalach gu domhain on Tighearna; aig a bheil an gnìomharan anns an dorchadas, agus a tha ag ràdh, Cò a tha gar faicinn? Cò aig a bheil fhios oirnn?

Eucoir a dhèanamh air duine na chùis, cha taitneach leis an Tighearna.

Agus ghin Iese Daibhidh an rìgh, agus ghin Daibhidh an rìgh Solamh on mhnaoi a bha aig Urias,

An sin bheir am fear a laigh leatha do athair na h‑ighinn lethcheud secel airgid, agus bidh i na mnaoi aige; a chionn gun d’ìslich e i, chan fhaod e a cur uaithe ra bheò.

Tha am pòsadh urramach anns na h‑uile, agus an leabaidh neo-shalach: ach air luchd-strìopachais agus adhaltranais bheir Dia breith.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan