Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 11:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chuala bean Uriah gun d’fhuair a fear Uriah bàs, rinn i caoidh airson a fir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhuathaich Esau Iàcob airson a’ bheannachaidh leis an do bheannaich a athair e: agus thubhairt Esau na chridhe, Tha làithean a’ bhròin airson m’athar am fagas, agus an sin marbhaidh mi mo bhràthair Iàcob.

Agus thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Ataid, a tha an taobh thall de Iòrdan; agus rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus ro‑chràitich: agus rinn e bròn airson a athar seachd làithean.

An sin thubhairt Daibhidh ris an teachdaire, Mar seo their thu ri Ioab, Na biodh an nì seo olc ad shùilean; oir cuiridh an claidheamh as do aon duine cho math is do dhuine eile: dèan do chath nas treasa an aghaidh a’ bhaile, agus sgrios e, agus thoir misneach dha.

Agus chuir Ioab fios gu Tecòah, agus thug e as a sin bean ghlic, agus thubhairt e rithe, Leig ort a bhith ri bròn, guidheam ort, agus cuir ort a‑nis aodach bròin, agus na ung thu fhèin le ola, ach bi mar mhnaoi a tha a‑nis fada ri bròn airson mairbh:

Agus thubhairt Daibhidh ri Ioab, agus ris an t‑sluagh uile a bha maille ris, Reubaibh ur n‑aodach, agus cuiribh sac-aodach umaibh, agus dèanaibh caoidh ro Abner. Agus lean rìgh Daibhidh fhèin an giùlan.

Agus nuair a chuala Ahab gu robh Nàbot marbh, dh’èirich Ahab a dhol sìos gu fìonlios Nàboit an t‑Iesreeleach, a ghabhail seilbh ann.

Agus ghuil clann Israeil airson Mhaois ann an còmhnardan Mhòaib deich làithean ar fhichead: mar seo chrìochnaicheadh làithean a’ ghuil agus a’ bhròin airson Mhaois.

Agus ghabh iad an cnàimhean, agus dh’adhlaic iad iad fo chraoibh ann an Iabes, agus thraisg iad seachd làithean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan