Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 11:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Daibhidh ris an teachdaire, Mar seo their thu ri Ioab, Na biodh an nì seo olc ad shùilean; oir cuiridh an claidheamh as do aon duine cho math is do dhuine eile: dèan do chath nas treasa an aghaidh a’ bhaile, agus sgrios e, agus thoir misneach dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thilg na fir-bhogha air do sheirbhisich on bhalla, agus tha cuid de sheirbhisich an rìgh marbh, agus tha do sheirbhiseach, Uriah an t‑Hiteach, marbh mar an ceudna.

Agus nuair a chuala bean Uriah gun d’fhuair a fear Uriah bàs, rinn i caoidh airson a fir.

Agus chog Ioab an aghaidh Rabah chloinn Amoin, agus ghlac e am baile rìoghail.

Agus ghabh an sluagh, fir Israeil, misneach dhaibh fhèin, agus chuir iad a‑rìs an cath ann an òrdagh, far an do chuir iad iad fhèin an òrdagh air a’ chiad là.

Agus chì sibh, ma thèid i suas rathad a crìche fhèin gu Bet-semes, an sin rinn e an t‑olc mòr seo oirnn: ach mura tèid, an sin bidh fhios againn nach i a làmh-san a bhuail sinn; is tuiteamas a thàinig oirnn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan