Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 11:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thilg na fir-bhogha air do sheirbhisich on bhalla, agus tha cuid de sheirbhisich an rìgh marbh, agus tha do sheirbhiseach, Uriah an t‑Hiteach, marbh mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an teachdaire ri Daibhidh, Gu deimhinn bhuadhaich na daoine oirnn, agus thàinig iad a‑mach dar n‑ionnsaigh anns a’ mhachair agus chuir sinn an ruaig orra eadhon gu dol a‑steach a’ gheata.

An sin thubhairt Daibhidh ris an teachdaire, Mar seo their thu ri Ioab, Na biodh an nì seo olc ad shùilean; oir cuiridh an claidheamh as do aon duine cho math is do dhuine eile: dèan do chath nas treasa an aghaidh a’ bhaile, agus sgrios e, agus thoir misneach dha.

Thilg sinn saighdean orra; chaidh as do Hesbon eadhon gu Dibon, agus dh’fhàsaich sinn iad eadhon gu Nopha, a tha a’ ruigheachd gu Medeba.

An sin fhreagair Daibhidh, agus thubhairt e ri Ahimelech an Hiteach, agus ri Abisai mac Sheruiah, bràthair Ioaib, ag ràdh, Cò a thèid sìos maille riumsa a dh’ionnsaigh Shauil don champ? Agus thubhairt Abisai, Thèid mise sìos maille riut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan