Cò a bhuail Abimelech mac Ierubeseit? Nach do thilg bean mìr de chloich-mhuilinn air on bhalla, air chor is gun d’fhuair e bàs ann an Tebes? Carson a chaidh sibh teann air a’ bhalla? An sin their thusa, Tha do sheirbhiseach, Uriah an t‑Hiteach, marbh mar an ceudna.
Agus thubhairt an teachdaire ri Daibhidh, Gu deimhinn bhuadhaich na daoine oirnn, agus thàinig iad a‑mach dar n‑ionnsaigh anns a’ mhachair agus chuir sinn an ruaig orra eadhon gu dol a‑steach a’ gheata.