Agus ma thachras gun èirich fearg an rìgh, agus gun abair e riut, Carson a chaidh sibh teann air a’ bhaile a chathachadh? Nach robh fhios agaibh gun tilgeadh iad on bhalla?
Cò a bhuail Abimelech mac Ierubeseit? Nach do thilg bean mìr de chloich-mhuilinn air on bhalla, air chor is gun d’fhuair e bàs ann an Tebes? Carson a chaidh sibh teann air a’ bhalla? An sin their thusa, Tha do sheirbhiseach, Uriah an t‑Hiteach, marbh mar an ceudna.