Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 11:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh fir a’ bhaile a‑mach, agus chog iad ri Ioab; agus thuit cuid den t‑sluagh, de sheirbhisich Dhaibhidh; agus fhuair Uriah an t‑Hiteach bàs mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a ghabh Ioab beachd air a’ bhaile, dh’òrdaich e Uriah a dh’ionnsaigh àite anns an robh fhios aige gu robh daoine gaisgeil.

An sin chuir Ioab fios uaithe, agus dh’innis e do Dhaibhidh gach nì a thachair anns a’ chath:

Cò a bhuail Abimelech mac Ierubeseit? Nach do thilg bean mìr de chloich-mhuilinn air on bhalla, air chor is gun d’fhuair e bàs ann an Tebes? Carson a chaidh sibh teann air a’ bhalla? An sin their thusa, Tha do sheirbhiseach, Uriah an t‑Hiteach, marbh mar an ceudna.

Carson a rinn thu tàir air àithne an Tighearna, le olc a dhèanamh na fhianais? Uriah an Hiteach bhuail thu leis a’ chlaidheamh, agus a bhean ghabh thu na mnaoi dhut fhèin, agus esan mharbh thu le claidheamh chloinn Amoin.

Saor mi o chionta fala, a Dhè, a Dhè mo shlàinte; àrd-mholaidh mo theanga d’fhìreantachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan