2 Samuel 11:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a ghabh Ioab beachd air a’ bhaile, dh’òrdaich e Uriah a dh’ionnsaigh àite anns an robh fhios aige gu robh daoine gaisgeil. Faic an caibideil |
Os bàrr, tha fhios agad ciod a rinn Ioab mac Sheruiah ormsa, agus ciod a rinn e air dà cheannard sluagh Israeil, air Abner mac Neir, agus air Amasa mac Ieteir; oir mharbh e iad, agus dhòirt e fuil a’ chogaidh anns an t‑sìth, agus chuir e fuil a’ chogaidh air a chrios a bha ma leasraidh, agus air a bhrògan a bha air a chasan.
Agus sgrìobh e dan ionnsaigh litir an dara uair, ag ràdh, Mas leamsa sibh, agus ma dh’èisdeas sibh rim ghuth, gabhaibh cinn mic ur tighearna, agus thigibh am ionnsaigh-sa mun tràth seo a‑màireach gu Iesreel: (a‑nis bha mic an rìgh, deich agus trì-fichead fear, maille ri daoine mòra a’ bhaile a thog iad).