Agus sgrìobh e anns an litir, ag ràdh, Cuiribh Uriah mu choinneamh a’ chatha as dèine, agus tillibh fhèin o a chùlaibh, a‑chum gum buailear e, agus gum faigh e bàs.
Agus chaidh fir a’ bhaile a‑mach, agus chog iad ri Ioab; agus thuit cuid den t‑sluagh, de sheirbhisich Dhaibhidh; agus fhuair Uriah an t‑Hiteach bàs mar an ceudna.
Carson a rinn thu tàir air àithne an Tighearna, le olc a dhèanamh na fhianais? Uriah an Hiteach bhuail thu leis a’ chlaidheamh, agus a bhean ghabh thu na mnaoi dhut fhèin, agus esan mharbh thu le claidheamh chloinn Amoin.
A chionn gun do rinn Daibhidh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus nach do chlaon e o na h‑uile nithean a dh’àithn e dha rè uile làithean a bheatha, ach a‑mhàin an cùis Uriah an t‑Hiteach.
Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith.
Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Feuch, mo nighean as sine, Merab, ise bheir mi dhut na mnaoi: a‑mhàin bi thusa gaisgeil air mo shon-sa, agus cuir cathan an Tighearna: oir thubhairt Saul, Na biodh mo làmh-sa air, ach biodh làmh nam Philisteach air.
Agus thubhairt Saul, Bheir mi dha i, a‑chum gum bi i dha na ribe, agus gum bi làmh nam Philisteach na aghaidh. Uime sin thubhairt Saul ri Daibhidh, Le aon den dithis bidh tu ad chliamhainn agamsa an‑diugh.
Agus thubhairt Saul, Mar seo their sibh ri Daibhidh, Chan eil an rìgh ag iarraidh dubhairidh sam bith, ach ceud ro‑chraiceann de na Philistich, gu bhith dìolta air naimhdean an rìgh. Ach shaoil Saul gun tugadh e air Daibhidh tuiteam le làimh nam Philisteach.