Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 11:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns a’ mhadainn sgrìobh Daibhidh litir a dh’ionnsaigh Ioaib, agus chuir e i le làimh Uriah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Carson a rinn thu tàir air àithne an Tighearna, le olc a dhèanamh na fhianais? Uriah an Hiteach bhuail thu leis a’ chlaidheamh, agus a bhean ghabh thu na mnaoi dhut fhèin, agus esan mharbh thu le claidheamh chloinn Amoin.

Mar an ceudna, o pheacaidhean dànadais cùm air ais d’òglach; na biodh àrd-cheannas aca orm; an sin bidh mi ionraic, agus bidh mi neo-chiontach o easaontas mòr.

Dealbhaidh do theanga aimhleas, mar ealtainn ghèir, ag obrachadh ceilge.

Gu cinnteach tha clann Adhaimh nan dìomhanas, clann an duine nam brèig; air meidh ma chuirear iad, is aotroime iad gu lèir na dìomhanas.

Tha an cridhe cealgach thar na h‑uile nithean, agus tha e do‑leigheas; cò as urrainn a thuigsinn?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan