Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 11:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, Cha deachaidh Uriah sìos da thaigh, thubhairt Daibhidh ri Uriah, Nach ann od thuras a thàinig thu? Carson matà nach deachaidh tu sìos dod thaigh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

3 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Uriah ri Daibhidh, Tha an àirc, agus Israel, agus Iùdah a’ fantainn ann am pàilleanan; agus tha mo thighearna, Ioab, agus seirbhisich mo thighearna, air campachadh air aghaidh na machrach; an tèid mise matà a‑steach dom thaigh, a dh’ithe, agus a dh’òl, agus a laighe lem mhnaoi? Mar as beò thusa, agus mar as beò d’anam, cha dèan mi an nì seo.

Ach laigh Uriah aig doras taigh an rìgh, maille ri uile sheirbhisich a thighearna, agus cha deachaidh e sìos da thaigh.

Agus chuir an Tighearna Nàtan a dh’ionnsaigh Dhaibhidh; agus nuair a thàinig e da ionnsaigh, thubhairt e ris, Bha dithis fhear ann an aon bhaile, fear dhiubh beartach, agus am fear eile bochd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan