2 Samuel 11:1Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna, mun àm anns an tèid rìghrean a‑mach gu cath, chuir Daibhidh uaithe Ioab, agus a sheirbhisich maille ris, agus Israel uile, agus sgrios iad clann Amoin, agus theannaich iad Rabah: ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem. Faic an caibideil |
Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an toir mise fa‑near gun cluinnear ann an Rabah nan Amonach caismeachd cogaidh: agus bidh e na thòrr lèirsgrios, agus loisgear a nigheanan le teine: an sin bidh Israel na oighre air an dream a bha nan oighreachan airsan, deir an Tighearna.