Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 10:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic clann Amoin gu robh iad gràineil am fianais Dhaibhidh, chuir clann Amoin teachdairean uapa, agus thuarasdalaich iad Sirianaich Bhet-rehoib, agus Sirianaich Shoba, fichead mìle coisiche, agus o rìgh Mhaacah mìle fear, agus o Istob dà‑mhìle-dheug fear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iàcob ri Simeon agus ri Lèbhi, Chuir sibh trioblaid orm lem dhèanamh gràineil am measg luchd-àiteachaidh na tìre, am measg nan Canàanach, agus nam Peridseach: agus air dhòmhsa a bhith gann an àireamh, cruinnichidh iad iad fhèin cuideachd am aghaidh, agus marbhaidh iad mi; agus cuirear as dhomh, agus dom thaigh.

Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh chuir e daoine nan coinneamh, a chionn gu robh nàire mhòr air na daoine: agus thubhairt an rìgh, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs ur feusag, agus an sin tillibh.

Agus nuair a chuala Daibhidh sin, chuir e a‑mach Ioab, agus uile shluagh nan daoine treuna.

Agus thubhairt Ahitophel ri Absalom, Gabh a‑steach a dh’ionnsaigh coileabaich d’athar, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe; agus cluinnidh Israel uile gu bheil thu air fàs gràineil dod athair, agus neartaichear làmhan gach neach a tha maille riut.

Eliphelet mac Ahasbai mhic a’ Mhaachataich, Eliam mac Ahitopheil an Gilonach,

O Shiria, agus o Mhòab, agus o chloinn Amoin, agus o na Philistich, agus o Amalec, agus o chreich Hadadeseir, mhic Rehoib, rìgh Shobah.

Bhuail Daibhidh mar an ceudna Hadadeser mac Rehoib, rìgh Shobah, nuair a chaidh e a chosnadh a chrìche air a h‑ais aig abhainn Euphràtes.

Agus nuair a thàinig Sirianaich Dhamascais a chuideachadh le Hadadeser rìgh Shobah, bhuail Daibhidh de na Sirianaich dà mhìle ar fhichead fear.

Agus chruinnich e daoine thuige, agus bha e na cheannard air buidhinn, nuair a mharbh Daibhidh iadsan o Shobah: agus chaidh iad do Dhamascas, agus chòmhnaich iad ann, agus rinn iad e na rìgh ann an Damascas.

Oir thug an Tighearna air feachd nan Sirianach fuaim charbad a chluinntinn, agus fuaim each, eadhon fuaim slòigh mhòir: agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Feuch, thuarasdalaich rìgh Israeil nar n‑aghaidh rìghrean nan Hiteach, agus rìghrean nan Eiphiteach, gu teachd oirnn.

Oir feuch, chruinnicheadh na rìghrean; ghabh iad thairis le chèile.

Agus thubhairt iad riu, Gun amhairceadh Dia oirbh, agus gun tugadh e breith, do bhrìgh gun do rinn sibh ar fàile gràineil an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, a’ cur claidheimh nan làimh a‑chum sinne a mharbhadh.

Na gabh a‑mach gu h‑obann gu strì, air eagal nach bi fhios agad ciod a nì thu na dhèidh sin, nuair a bheir do choimhearsnach gu nàire thu.

An sin thàinig iad gu Gedaliah gu Mispah, eadhon Ismael mac Netaniah, agus Iohanan, agus Ionatan, mic Chareah, agus Seraiah mac Thanhumeit, agus mic Ephai an Netophataich, agus Iesaniah mac Maachataich, iad fhèin agus an daoine.

Tha a fir-thuarasdail fòs na meadhon mar dhaimh bhiadhte; gidheadh thionndaidh eadhon iadsan an cùlaibh, theich iad le chèile, cha do sheas iad; a chionn gun tàinig orra là an aimhleis, aimsir an smachdachaidh.

Ghabh Iair, mac Mhanaseh, dùthaich Argoib uile gu crìochan Ghesuri, agus Mhaachati: agus thug e Basan-habhot-iair mar ainm oirre a rèir a ainme fhèin, gus an là‑an‑diugh.

An sin theich Iephtah o a bhràithrean, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Thoib: agus chruinnicheadh daoine faoine gu Iephtah, agus chaidh iad a‑mach maille ris.

Agus nuair a chog clann Amoin ri Israel, chaidh seanairean Ghilead a thoirt Iephtah à tìr Thoib:

Agus cha robh fear-saoraidh ann, a chionn gu robh e fada o Shìdon, agus nach robh gnothach aca ri duine sam bith: agus bha e anns a’ ghleann a tha làimh ri Bet-rehob: agus thog iad baile, agus ghabh iad còmhnaidh ann.

Agus chuala Israel uile iomradh gun do bhuail Saul freiceadan nam Philisteach, agus mar an ceudna gu robh Israel air am meas gràineil leis na Philistich: agus ghairmeadh an sluagh an ceann a chèile an dèidh Shauil gu Gilgal.

Agus chreid Achis Daibhidh, ag ràdh, Thug e air a shluagh Israel gràin mhòr a ghabhail dheth: uime sin bidh e na sheirbhiseach agamsa gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan