Uime sin ghlac Hanun seirbhisich Dhaibhidh, agus bheàrr e dhiubh leth am feusaig, agus gheàrr e an aodach anns a’ mheadhon, gu ruig am màsan; agus chuir e air falbh iad.
Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh chuir e daoine nan coinneamh, a chionn gu robh nàire mhòr air na daoine: agus thubhairt an rìgh, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs ur feusag, agus an sin tillibh.
Chaidh e suas gu Bait agus gu Dibon, na h‑ionadan àrda, a ghul. Nì Mòab caoineadh airson Nebo agus airson Mhedeba; air gach ceann dhiubh bidh maoile; bidh gach feusag air a gearradh dheth.
Mar sin bheir rìgh Asiria air falbh braighdean na h‑Eiphit, agus fògarraich Etiopia, òigridh agus seann daoine, len taobh-cùil air a leigeadh ris, a‑chum nàire na h‑Eiphit.
Gun tàinig daoine àraidh, o Shechem, o Shiloh, agus o Shamaria, ceithir-fichead fear, aig an robh am feusagan air am bearradh, an aodaichean air an reubadh, agus iad fhèin geàrrte, le tabhartasan agus tùis nan làimh gu an toirt gu taigh an Tighearna.