Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 10:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, an tighearna, An saoil thu gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd-sòlais? Nach ann a rannsachadh a’ bhaile, agus a ghabhail beachd air, agus ga sgrios, a chuir Daibhidh a sheirbhisich ad ionnsaigh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Cuiribh uaibh fear agaibh, agus thugadh e leis ur bràthair, agus gleidhear sibhse ann am prìosan, a‑chum is gun dearbhar ur briathran, a bheil no nach eil fìrinn annaibh: no, mar as beò Phàraoh, gu cinnteach is luchd-brathaidh sibh.

Agus chuimhnich Iòseph air na h‑aislingean a chunnaic e man timcheall, agus thubhairt e riu, Is luchd-brathaidh sibh; a dh’fhaicinn lomnochdas na tìre thàinig sibh.

Is aithne dhut Abner mac Neir, gur ann gu do mhealladh a thàinig e, agus gu fios fhaghail air do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach, agus gu fios fhaghail air gach nì a tha thu a’ dèanamh.

Ach thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, An saoil thusa gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd-comhfhurtachd? Nach ann a rannsachadh, agus a ghabhail beachd air an fhearann, agus ga sgrios, a thàinig a sheirbhisich ad ionnsaigh?

Cha ghiùlan e e fhèin gu mì‑chiatach, chan iarr e na nithean sin a bhuineas dha fhèin, chan eil e so‑bhrosnachaidh a‑chum feirge, cha smaoinich e olc sam bith,

Fuilingidh e na h‑uile nithean, creididh e na h‑uile nithean, bidh sùil aige ris na h‑uile nithean, giùlainidh e na h‑uile nithean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan