Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 10:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus theich na Sirianaich ro Israel; agus mharbh Daibhidh de na Sirianaich fir sheachd ceud carbad, agus dà‑fhichead mìle marcaiche; agus bhuail e Sobach, ceannard an armailte, a fhuair bàs an sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh, chruinnich e Israel uile an ceann a chèile, agus chaidh e thar Iòrdan, agus thàinig e gu Helam; agus chuir na Sirianaich iad fhèin an òrdagh catha an aghaidh Dhaibhidh, agus chog iad ris.

Agus thug Daibhidh uaithe mìle carbad, agus seachd ceud marcaiche, agus fichead mìle coisiche: agus gheàrr Daibhidh speirean eich nan carbad uile, ach dh’fhàg e dhiubh dìol ceud carbad.

Agus chruinnich e daoine thuige, agus bha e na cheannard air buidhinn, nuair a mharbh Daibhidh iadsan o Shobah: agus chaidh iad do Dhamascas, agus chòmhnaich iad ann, agus rinn iad e na rìgh ann an Damascas.

Agus theich na Sirianaich ro Israel; agus mharbh Daibhidh de na Sirianaich fir seachd mìle carbad, agus dà‑fhichead mìle coisiche, agus mharbh e Sophach ceannard na h‑armailte.

Lot mi iad, agus cha bhi e an comas dhaibh èirigh; thuit iad fom chasan.

Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.

Mar a dh’fhuadaichear deatach, fuadaichear iad; mar a leaghar cèir fa chomhair an teine, sgriosar droch dhaoine am fianais Dhè.

Agus reic an Tighearna iad do làimh Iabin rìgh Chanàain, a rìghich ann an Hasor; agus b’e ceannard a shluaigh Sisera, a bha a chòmhnaidh ann an Haroset nan cinneach.

Agus, feuch, nuair a bha Barac an tòir air Sisera, thàinig Iael a‑mach na choinneamh, agus thubhairt i ris, Thig, agus feuchaidh mise dhut am fear a tha thu ag iarraidh. Agus nuair a chaidh e a‑steach da bùth, feuch, bha Sisera na laighe marbh, agus an tarrang na lethcheann.

Chuir i a làmh ris an tarraing, a làmh dheas ri òrd an luchd-obrach: agus leis an òrd bhuail i Sisera; bhuail i a cheann, agus lot i, agus shàth i tro a lethcheann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan