Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 10:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Hadadeser fios uaithe, agus thug e a‑mach na Sirianaich a bha air an taobh thall den abhainn, agus thàinig iad gu Helam; agus chaidh Sobach, ceannard armailt Hadareseir, romhpa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic na Sirianaich gun do bhuaileadh iad ro Israel, chruinnich iad iad fhèin an ceann a chèile.

Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh, chruinnich e Israel uile an ceann a chèile, agus chaidh e thar Iòrdan, agus thàinig e gu Helam; agus chuir na Sirianaich iad fhèin an òrdagh catha an aghaidh Dhaibhidh, agus chog iad ris.

Agus dhùisg Dia suas nàmhaid eile dha, Reson mac Eliadah, a theich o Hadareser, rìgh Shobah, a thighearna.

Agus bhuail Daibhidh Hadareser rìgh Shobah gu ruig Hamat, nuair a chaidh e a dhaingneachadh a thighearnais aig abhainn Euphràtes.

Agus nuair a thàinig Sirianaich Dhamascais a chuideachadh le Hadareser rìgh Shobah, mharbh Daibhidh de na Sirianaich dà‑mìle-fichead fear.

Agus nuair a chunnaic na Sirianaich gun do bhuaileadh iad ro Israel, chuir iad teachdairean uapa, agus thug iad a‑mach na Sirianaich a bha air an taobh thall den abhainn; agus chaidh Sophach ceannard armailt Hadareseir romhpa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan