2 Samuel 10:12Am Bìoball Gàidhlig 1992Bi misneachail, agus bitheamaid gaisgeil airson ar sluaigh, agus airson bailtean ar Dè; agus dèanadh an Tighearna an nì a tha math na shùilean. Faic an caibideil |
Agus dh’amhairc, agus dh’èirich mi, agus thubhairt mi ris na h‑àrd-uaislean, agus ris an luchd-riaghlaidh, agus ris a’ chuid eile den t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh romhpa: cuimhnichibh an Tighearna mòr agus uamhasach, agus cogaibh airson ur bràithrean, ur mac, agus ur nigheanan, ur ban, agus ur taighean.
Falbh, cruinnich ri chèile na h‑Iùdhaich uile a gheibhear ann an Susan, agus traisgibh air mo shon-sa, agus na ithibh agus na òlaibh rè trì làithean, a là no a dh’oidhche: traisgidh mise agus mo mhaighdeannan air an dòigh cheudna; agus an sin thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, nì nach eil a rèir an lagha; agus mar sin ma bhàsaicheas mi, bàsaicheam.
Agus ghairm Maois air Iosua, agus thubhairt e ris ann an sealladh Israeil uile, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir is tusa a thèid a‑steach leis an t‑sluagh seo don fhearann a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhaibh; agus bheir thu orra a shealbhachadh mar oighreachd.