Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 10:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Ma bhios na Sirianaich nas treasa na mise, an sin nì thusa còmhnadh riumsa; ach ma bhios clann Amoin nas treasa na thusa an sin thig mise a dhèanamh còmhnaidh leatsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus a’ chuid eile den t‑sluagh thug e thairis do làimh a bhràthar Abisai, a‑chum gun cuireadh e an òrdagh iad an aghaidh chloinn Amoin.

Bi misneachail, agus bitheamaid gaisgeil airson ar sluaigh, agus airson bailtean ar Dè; agus dèanadh an Tighearna an nì a tha math na shùilean.

Ge bè àit anns an cluinn sibh fuaim na trompaid cruinnichibh an sin dar n‑ionnsaigh-ne: cogaidh ar Dia air ar son.

Ach ghuidh mise air do shon-sa, nach dìobradh do chreideamh thu: agus nuair a dh’iompaichear thu, neartaich do bhràithrean.

Uime sin is còir dhuinne a tha làidir giùlan le anfhainneachd na muinntir sin a tha lag, agus gun sinn fhèin a thoileachadh.

Giùlainibh uallaichean a chèile, agus mar sin coileanaibh lagh Chrìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan