Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 1:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thubhairt e rium a‑rìs, Seas orm, guidheam ort, agus marbh mi: oir ghlac teanntachd mi, do bhrìgh gu bheil mo bheatha fhathast gu h‑iomlan annam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus sheas mi air, agus mharbh mi e, a chionn gu robh fhios agam nach biodh e beò an dèidh dha tuiteam; agus ghabh mi an crùn a bha air a cheann, agus an làmh-fhail a bha air a ghàirdean, agus thug mi an seo iad a dh’ionnsaigh mo thighearna.

Agus thubhairt e rium, Cò thusa? Agus fhreagair mise e, Is Amaleceach mi.

An sin thubhairt Saul ri fear-iomchair a arm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo-thimcheall-gheàrrte sin, agus gun gnàthaich iad gu maslach mi. Ach cha dèanadh fear-iomchair a arm sin, oir bha eagal mòr air. Uime sin ghlac Saul claidheamh, agus thuit e air.

Agus anns na làithean sin iarraidh daoine am bàs, agus chan fhaigh iad e; agus bidh dèidh aca air bàsachadh, agus teichidh am bàs uapa.

An sin ghairm e gu luath air an òganach a bha ag iomchar a arm, agus thubhairt e ris, Tarraing do chlaidheamh, agus marbh mi, air eagal gun abair iad umam, Mharbh bean e. Agus shàth an t‑òganach aige troimhe e, agus fhuair e bàs.

An sin thubhairt Saul ri fear-iomchair a airm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo-thimcheall-gheàrrte sin, agus gun sàth iad tromham, agus gun toir iad masladh dhomh. Ach cha b’àill le fear-iomchair a airm sin a dhèanamh, oir bha eagal mòr air: uime sin ghabh Saul claidheamh, agus thuit e air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan