Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 1:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach nam beatha, agus nam bàs cha do sgaradh iad: bu luaithe iad na iolairean, bu treasa iad na leòmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

A nigheanan Israeil, guilibh airson Shauil, a dh’èidich sibh ann an sgàrlaid le aoibhneas, a chuir òr‑ghreus air ur n‑aodach.

Agus bha trì mic Sheruiah an sin, Ioab, agus Abisai, agus Asahel: agus bha Asahel cho luath da chois ri boc-earba na machrach.

Agus Benaiah mac Iehoiada, mac duine gaisgeil, o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic an àm sneachda.

Agus de na Gadaich chaidh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, don daingneach anns an fhàsach, daoine treuna, fir-chogaidh iomchaidh a‑chum catha, dom b’aithne sgiath agus targaid a làimhseachadh, aig an robh an gnùisean mar ghnùisean leòmhann, agus iad cho luath ris na h‑èildean air na beanntan;

Ghabh iad seachad mar na longan luatha; mar an iolair a’ dol air iteig a‑chum cobhartaich.

An leòmhann as treasa am measg bheathaichean, agus nach till air ais o aon air bith;

Is ro‑mhilis a bheul; seadh, tha e gu lèir ionmhainn. Is e seo fear mo ghràidh-sa, agus is e seo mo charaid, a nigheanan Ierusaleim.

Feuch, mar neòil thig e a‑nìos; mar chuairt-ghaoith bidh a charbadan; is luaithe na iolairean a chuid each; mo thruaighe sinne, oir tha sinn creachte!

Bu luaithe ar luchd-leanmhainn na iolairean nèimh; ruaig iad sinn air na slèibhtean, laigh iad am falach air ar son anns an fhàsach.

Bheir an Tighearna cinneach ad aghaidh o ionad fada o làimh, o iomall na talmhainn, mar an iolair air iteig: cinneach nach tuig thu an cainnt:

Agus thubhairt daoine a’ bhaile ris air an t‑seachdamh là, ro laighe na grèine, Ciod as mìlse na mil, agus ciod as gairge na leòmhann? Agus thubhairt esan riu, Mura biodh sibh air treabhadh lem agh-sa, chan fhaigheadh sibh a‑mach mo thòimhseachan.

Agus thàrladh nuair a chuir e crìoch air labhairt ri Saul, gun do cheangladh anam Ionatain ri anam Dhaibhidh, agus ghràdhaich Ionatan e mar a anam fhèin.

Agus thubhairt esan ris, Nar leigeadh Dia; chan fhaigh thu bàs: feuch, cha dèan m’athair nì air bith mòr no beag nach foillsich e dhòmhsa; agus carson a dh’fhalaicheadh m’athair uamsa an nì seo? Cha bhi e mar sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan