Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 1:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O fhuil nam marbh, o shaill nan cumhachdach, cha do thionndaidh bogha Ionatain air ais; agus cha do thill claidheamh Shauil gu faoin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Oir feuch, dùisgidh mise, agus bheir mi a‑nìos an aghaidh Bhàbiloin coitheanal chinneach mòra on tìr mu thuath; agus cuiridh iad iad fhèin an òrdagh na h‑aghaidh, air sheòl is gun glacar i: bidh an saighdean mar gum b’ann o ghaisgeach seòlta; cha till aon dhiubh gu dìomhain.

Cuiridh mi air mhisg mo shaighdean le fuil, agus ithidh mo chlaidheamh suas feòil; eadhon le fuil nam marbh, agus nam braighdean, o thoiseach nan dìoghaltas air an nàmhaid.

Agus ghabh Saul an rìoghachd os cionn Israeil, agus chog e air gach làimh an aghaidh a naimhdean gu lèir, an aghaidh Mhòaib, agus an aghaidh chloinn Amoin, agus an aghaidh Edoim, agus an aghaidh rìghrean Shobah, agus an aghaidh nam Philisteach: agus ge bè taobh a thionndaidh e, chlaoidh e iad.

Agus thog e sluagh, agus bhuail e na h‑Amalecich, agus shaor e Israel à làimh na muinntir a bha gam milleadh.

Agus chuir Ionatan dheth fhèin an fhallaing a bha air, agus thug e do Dhaibhidh i, agus a èideadh eadhon gu a chlaidheamh, agus gu a bhogha, agus gu a chrios.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan