Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 1:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A shlèibhtean Ghilbòa, na biodh drùchd no uisge oirbh; no oirbhse, achaidhean thabhartas; oir an sin thilgeadh gu tàireil air falbh sgiath nan cumhachdach, sgiath Shauil, mar nach biodh e ungte le ola.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

A‑nis chog na Philistich an aghaidh Israeil; agus theich fir Israeil o fhianais nam Philisteach, agus thuit iad sìos marbh ann an sliabh Ghilbòa.

Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a mhic air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa.

Tha do mhuineal mar thùr Dhaibhidh, air a chur suas gu bhith na thaigh-arm: tha mìle targaid crochte suas ris, uile sgiathan nan treun-fhear.

Deasaich am bòrd; suidhich an fhaire; ith; òl; èiribh, a cheanna-feadhna, ungaibh an sgiath.

Agus cuiridh mi fàs e; cha sgathar e, agus cha ruamhairear e; ach fàsaidh an dris agus an droigheann ann; agus bheir mi àithne do na neòil nach fras iad uisge air.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns an là air an deachaidh e sìos don uaigh, thug mise fa‑near caoidh a bhith air a dèanamh; chòmhdaich mi air a shon an doimhne, agus choisg mi a tuiltean, agus bhacadh na h‑uisgeachan mòra; thug mi fòs air Lebanon caoidh air a shon, agus dh’fhannaich air a shon uile chraobhan na machrach.

Tha an tabhartas-bìdh air a ghearradh air falbh, agus an tabhartas-dibhe o thaigh an Tighearna; dèanaibh-se bròn, O shagartan, òglaich an Tighearna.

Cò aig a bheil fios nach till, agus nach gabh e aithreachas, agus nach fàg e beannachd na dhèidh, tabhartas-bìdh, agus tabhartas-dibhe, don Tighearna ur Dia?

Mallaichibh-se Meros, (thubhairt aingeal an Tighearna); mallaichibh gu mòr a luchd-àiteachaidh: a chionn nach tàinig iad gu còmhnadh an Tighearna, gu còmhnadh an Tighearna an aghaidh nan cumhachdach.

An sin ghabh Samuel còrn ola, agus dhòirt e air a cheann e, agus phòg e e, agus thubhairt e, Nach ann a chionn gun d’ung an Tighearna thu gu bhith ad cheannard air a oighreachd fhèin?

A‑nis chog na Philistich an aghaidh Israeil; agus theich fir Israeil o fhianais nam Philisteach, agus thuit iad sìos marbh ann an sliabh Ghilbòa.

Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a thriùir mhac air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan