Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 1:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O mhaise Israeil, air do lotadh air d’àitean àrda! Cionnas a thuit na cumhachdaich!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach nam beatha, agus nam bàs cha do sgaradh iad: bu luaithe iad na iolairean, bu treasa iad na leòmhainn.

Cionnas a thuit na cumhachdaich am meadhon a’ chatha! O, a Ionatain, air d’àitean àrda mharbhadh thu!

Cionnas a thuit na cumhachdaich, agus a chaidh as do airm a’ chogaidh!

Anns an là sin bidh meangan an Tighearna sgiamhach agus glòrmhor, agus toradh an fhearainn òirdheirc agus maiseach, dhaibhsan a thèid as de Israel.

Oir fàsaidh e suas mar fhaillean na làthair, agus mar fhreumh à talamh tioram; chan eil sgèimh no grinneas aige, gun amhairceamaid air; cha mhò a tha maise aige, gun iarramaid e.

Cionnas a tharraing an Tighearna na chorraich neul air nighinn Shioin, agus a thilg e sìos o nèamh gu talamh maise Israeil! Agus cha do chuimhnich e stòl a choise ann an là a fheirge!

Thuit an coron bhàrr ar cinn: mo thruaighe sinn, a chionn gun do pheacaich sinn.

Agus ghabh mi mo lorg, eadhon Maise, agus gheàrr mi na bloighdean i, a‑chum gum brisinn mo choicheangal a rinn mi ris an slòigh uile.

Agus beathaichidh mi treud a’ chasgraidh, eadhon sibhse, a bhochdan an treud. Agus ghabh mi am ionnsaigh dà luirg: air aon dhiubh thug mi mar ainm Maise, agus air aon eile thug mi mar ainm Cuibhrichean; agus bheathaich mi an treud.

Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a thriùir mhac air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan