Agus nuair a chunnaic luchd-àiteachaidh na tìre, na Canàanaich, am bròn ann an ùrlar Ataid, thubhairt iad, Is doilgheasach am bròn seo do na h‑Eiphitich; uime sin thugadh Abel-misraim mar ainm air, a tha an taobh thall de Iòrdan.
Agus rinn Ieremiah tuireadh airson Iosiah: agus labhair na fir-sheinn agus na mnathan-seinn uile mu thimcheall Iosiah nan tuiridhean gu ruig an là‑an‑diugh, agus rinn iad iad nan reachd ann an Israel. Agus, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar nan tuireadh.
Seo an tuireadh leis an tuir iad os a cionn: Nì nigheanan nan cinneach caoidh air a son: nì iad caoidh air a son, airson na h‑Èiphit, agus airson a mòr-shluaigh uile, deir an Tighearna Dia.