Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 1:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairm Daibhidh air aon de na h‑òganaich, agus thubhairt e, Thig am fagas, agus leum air. Agus bhuail e e, agus fhuair e bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus chuir rìgh Solamh le làimh Bhenaiah mhic Iehoiada, agus bhuail e air, air chor is gun d’fhuair e bàs.

Agus chaidh Benaiah mac Iehoiada suas, agus bhuail e air, agus mharbh e e: agus dh’adhlaiceadh e na thaigh fhèin anns an fhàsach.

An sin dh’àithn an rìgh do Bhenaiah mac Iehoiada; agus chaidh e a‑mach, agus bhuail e air, agus fhuair e bàs. Agus dhaingnicheadh an rìoghachd ann an làimh Sholaimh.

A tha a’ toirt innleachdan nan cuilbheartach gu neoni, air chor is nach coilean an làmhan an gnìomh:

Obraichidh an droch dhuine obair mhealltach; ach aigesan a chuireas fìreantachd bidh duais chinnteach.

Agus thubhairt e ri Ieter a chiad-ghin, Eirich, marbh iad: ach cha do tharraing an t‑òganach a chlaidheamh; oir bha eagal air, a chionn gu robh e fhathast na òganach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan