Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 1:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin rug Daibhidh air a aodach, agus reub e e, agus mar an ceudna na daoine uile a bha maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thill Reuben a dh’ionnsaigh an t‑sluic; agus, feuch, cha robh Iòseph anns an t‑sloc: agus reub e a aodach.

Agus reub Iàcob a aodach, agus chuir e aodach-saic air a leasraidh, agus rinn e bròn airson a mhic rè mòran làithean.

An sin reub iad an aodach, agus chuir gach duine a shac air a asail, agus thill iad don bhaile.

Agus chuir Tàmar luath air a ceann, agus reub i an trusgan iomadh-dathach a bha oirre, agus chuir i a làmh air a ceann, agus chaidh i air falbh a’ glaodhaich.

An sin dh’èirich an rìgh, agus reub e a aodach, agus laigh e air an talamh; agus sheas a sheirbhisich uile làimh ris len aodach reubte.

Agus thubhairt Daibhidh ri Ioab, agus ris an t‑sluagh uile a bha maille ris, Reubaibh ur n‑aodach, agus cuiribh sac-aodach umaibh, agus dèanaibh caoidh ro Abner. Agus lean rìgh Daibhidh fhèin an giùlan.

Agus nuair a leugh rìgh Israeil an litir, reub e a aodach, agus thubhairt e, An Dia mise, a mharbhadh agus a dhèanamh beò, gun cuireadh am fear seo fios am ionnsaigh duine a leigheas o a luibhre? Uime sin thugaibh fa‑near, guidheam oirbh, agus faicibh cionnas a tha e ag iarraidh adhbhair am aghaidh.

A chionn gun do thiomaich do chridhe, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin an làthair Dhè, nuair a chuala tu a bhriathran an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin am làthair-sa, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am làthair, chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.

Agus nuair a chuala mi an nì seo, reub mi m’aodach, agus m’fhallaing, agus spìon mi cuid de ghruaig mo chinn agus m’fheusag, agus shuidh mi sìos fo uamhann.

Nuair a dh’aithnich Mordecai gach nì a rinneadh, reub e a aodach, agus chuir e sac-aodach air agus luaithre, agus chaidh e a‑mach gu meadhon a’ bhaile, agus ghlaodh e le glaodh àrd agus searbh.

Ach cha do ghabh iad eagal, cha mhò a reub iad an trusgain, aon chuid an rìgh, no aon da sheirbhisich a chuala na briathran seo uile.

Agus reubaibh ur cridhe, agus chan e ur n‑aodach; agus tillibh ris an Tighearna ur Dia: oir tha e tròcaireach agus iochdmhor, mall a‑chum feirge, agus làn de chaomhalachd, agus gabhaidh e aithreachas mun olc.

Ach nuair a chuala na h‑abstoil Barnabas agus Pòl seo, reub iad an aodach, agus ruith iad a‑steach am measg an t‑sluaigh, ag èigheach,

Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.

Agus reub Iosua a aodach, agus thuit e gu làr air a aghaidh ro àirc an Tighearna, gu tràth feasgair, e fhèin agus seanairean Israeil, agus chuir iad duslach air an cinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan