Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 1:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sheas mi air, agus mharbh mi e, a chionn gu robh fhios agam nach biodh e beò an dèidh dha tuiteam; agus ghabh mi an crùn a bha air a cheann, agus an làmh-fhail a bha air a ghàirdean, agus thug mi an seo iad a dh’ionnsaigh mo thighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ris, Biodh d’fhuil air do cheann fhèin, oir thug do bheul fianais ad aghaidh, ag ràdh, Mharbh mi aon ungte an Tighearna.

Thubhairt e rium a‑rìs, Seas orm, guidheam ort, agus marbh mi: oir ghlac teanntachd mi, do bhrìgh gu bheil mo bheatha fhathast gu h‑iomlan annam.

Agus thug e crùn an rìgh bhàrr a chinn, (agus b’e a chudthrom tàlann òir, maille ris na clachan luachmhor,) agus chuireadh e air ceann Dhaibhidh: agus thug e a‑mach creach a’ bhaile ann am mòr-phailteas.

Agus thug e a‑mach mac an rìgh, agus chuir e an crùn air, agus thug e dha an fhianais; agus rinn iad na rìgh e, agus dh’ung iad e, agus bhuail iad am basan, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.

Thuit an coron bhàrr ar cinn: mo thruaighe sinn, a chionn gun do pheacaich sinn.

Oir a rèir na breith a bheir sibh, bheirear breith oirbh: agus leis an tomhas leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs.

Agus thubhairt Adoni-besec, Thionail trì-fichead agus deich rìghrean, aig an robh òrdagan an làmh agus an cas air an gearradh dhiubh, am biadh fom bhòrd-sa: mar a rinn mi, mar sin dhìol Dia orm. Agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs an sin.

An sin ghairm e gu luath air an òganach a bha ag iomchar a arm, agus thubhairt e ris, Tarraing do chlaidheamh, agus marbh mi, air eagal gun abair iad umam, Mharbh bean e. Agus shàth an t‑òganach aige troimhe e, agus fhuair e bàs.

Agus thubhairt an rìgh ri Doeg, Tionndaidh thusa, agus buail air na sagartan. Agus thionndaidh Doeg an t‑Edomach, agus bhuail e air na sagartan; agus mharbh e air an là sin ceithir-fichead agus còig fir a dh’iomchair èphod de lìon-aodach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan