Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Peadar 3:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air dhuibh fhios seo a bhith agaibh air tùs, gun tig anns na làithean deireannach luchd-fochaid, ag imeachd a rèir an ana-miann fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Mar a thubhairt iad ribh, gum biodh anns an aimsir dheireannaich luchd-fanaid, a ghluaiseadh a rèir an ana-miannan mì‑dhiadhaidh fhèin.

Ach gu h‑àraidh iadsan a leanas an fheòil ann an ana-miann na neòghlaine, agus a nì tàir air uachdaranachd: air dhaibh a bhith an‑dàna, fèin-thoileil, chan eagal leo ana-cainnt a thoirt dhaibhsan a tha ann an àrd-inbhe:

Is luchd-cànrain agus gearain an dream seo, a tha ag imeachd a rèir an ana-miann fhèin; agus tha am beul a’ labhairt bhriathar atmhor, agus iad a’ gabhail iongantais de phearsachan dhaoine air sgàth buannachd.

Ach chuir sinn cùl ri nithean falaichte na nàire, gun sinn a bhith a’ siubhal ann an ceilg, no a’ truailleadh facal Dhè, ach le foillseachadh na fìrinn gar moladh fhèin do chogais nan uile dhaoine ann an sealladh Dhè.

Air dhuibh fhios seo a bhith agaibh air tùs, nach eil fàidheadaireachd air bith den sgriobtar o thogradh dhaoine fhèin.

Ach biodh fhios seo agad, gun tig anns na làithean deireannach aimsirean cunnartach.

Gu cinnteach air luchd-fochaid nì e fochaid; ach don iriosal bheir e gràs.

Cia fhad, a dhaoine baoghalta, a ghràdhaicheas sibh baoghaltachd? Agus a ghabhas luchd-fochaid tlachd nam fochaid, agus a bheir amadain fuath do eòlas?

Iarraidh fear na fochaid gliocas, agus chan fhaigh e; ach don tì a thuigeas tha eòlas furasda.

A chlann bheag, is i an aimsir dheireannach a tha ann: agus mar a chuala sibh gun tig an t‑ana-crìosd, is ann mar sin a tha a‑nis iomadh ana-crìosd ann; om bheil sinn a’ tuigsinn gur i an aimsir dheireannach a tha ann.

Air là fèill ar rìgh, nuair a bha na prionnsachan air an teasachadh le fìon, shìn esan a‑mach a làmh le luchd-fanaid.

Oir dh’fhàilnich an t‑uamhasach, agus thàinig crìoch air an fhear-fhochaid; agus ghearradh as iadsan uile a bha furachair a‑chum aingidheachd;

Uime sin cluinnibh facal an Tighearna, a luchd-fanaid, a luchd-riaghlaidh an t‑sluaigh seo a tha ann an Ierusalem.

A their, Dèanadh e deifir, luathaicheadh e a obair, a‑chum gum faic sinn; agus dlùthaicheadh comhairle Tì naomh Israeil, agus thigeadh i gu crìch, a‑chum gum bi fhios againn.

An tì a tha a’ cur cùil riumsa, agus nach eil a’ gabhail rim bhriathran, tha aige neach a bheir breith air: am facal a labhair mi, bheir e sin breith air anns an là dheireannach.

Labhair e anns na làithean deireannach seo rinne le a Mhac, a dh’òrdaich e na oighre air na h‑uile nithean, tre an do chruthaich e fòs na saoghail;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan