Agus nuair a bha e a’ dèanamh moille, an sin rug na daoine air làimh air, agus air làimh air a mhnaoi, agus air làimh air a dhithis nighean; air don Tighearna a bhith tròcaireach dha: agus thug iad a‑mach e, agus chuir iad e an taobh a‑muigh den bhaile.
Agus nuair a sgrios Dia bailtean a’ chòmhnaird, an sin chuimhnich Dia air Abrahàm, agus chuir e a‑mach Lot à meadhon an lèirsgrios, nuair a sgrios e na bailtean anns an robh Lot na chòmhnaidh.
Agus ghairm iad air Lot, agus thubhairt iad ris, Càit a bheil na daoine a thàinig ad ionnsaigh a‑nochd? Thoir a‑mach iad dar n‑ionnsaigh a‑chum is gun aithnich sinn iad.
A‑thaobh nam fàidhean. Tha mo chridhe briste an taobh a‑staigh dhìom; tha mo chnàmhan gu lèir air ghluasad; is cosmhail mi ri fear air mhisg; is ionann mi is duine air an d’fhuair fìon làmh-an‑uachdair, airson an Tighearna, agus airson briathran a naomhachd.
Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.
Oir nuair a labhras iad briathran atmhor dìomhanais, meallaidh iad tre ana-miannan na feòla, tre mhacnas, iadsan a chaidh gu glan as uapasan a tha a’ caitheamh am beatha ann an seachran;
Ach sibhse, a mhuinntir mo ghràidh, o is aithne dhuibh na nithean seo ro‑làimh, thugaibh an aire air eagal air dhuibhse mar an ceudna a bhith air ur tarraing air falbh le seachran nan daoine an‑diadhaidh, gun tuit sibh o ur seasmhachd fhèin:
Oir ghoid daoine àraidh a‑steach, a dh’òrdaicheadh roimhe o shean a‑chum an dìtidh seo, daoine mì‑dhiadhaidh, a’ tionndadh gràs ar Dè‑ne gu macnas, agus ag àicheadh Dhè, as aon Uachdaran ann, agus ar Tighearna Iosa Crìosd.