Ma thig neach air bith dur n‑ionnsaigh, agus nach toir e an teagasg seo leis, na gabhaibh e a‑steach dur taigh, agus na abraibh ris, Guma subhach dhut:
Agus thubhairt esan, Chan fhaod mi tilleadh maille riut, no dol a‑steach maille riut: cha mhò a dh’itheas mi aran, no a dh’òlas mi uisge maille riut anns an àite seo:
Agus sgrìobh iad litrichean leo air an dòigh seo, Tha na h‑abstoil, agus na seanairean, agus na bràithrean, a’ cur beannachd a‑chum nam bràithrean de na Cinnich a tha ann an Antioch, agus ann an Siria, agus ann an Cilicia:
Ach a‑nis sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gun choluadar a ghleidheadh, ma tha neach air bith ris an abrar bràthair na fhear-neòghlaine, no sanntach, no na fhear-iodhal-adhraidh, no na fhear-ana-cainnt, no na mhisgeir, no na fhear-fòirneirt, maille ra leithid seo de dhuine gun uiread is biadh ithe.
Agus ma tha neach sam bith nach toir ùmhlachd dar facal-ne tre an litir seo, comharraichibh esan, agus na biodh coluadar agaibh ris, a‑chum gum bi nàire air.
A‑nis àithneamaid dhuibh, a bhràithrean, ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, sibh fhèin a dhealachadh ris gach uile bhràthair a tha ag imeachd gu mì‑riaghailteach, agus chan ann a rèir an teagaisg a fhuair e uainne.
Uime sin ma thig mi, cuiridh mi an cuimhne a obraichean a tha e a’ dèanamh, a’ bith-labhairt nar n‑aghaidh le briathran aingidh: agus cha leòr leis sin, ach cha mhò a tha e fhèin a’ gabhail ris na bràithrean, agus tha e a’ bacadh na dream leis am b’àill, agus gan tilgeadh a‑mach as an eaglais.