2 Eachdraidh 9:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thug i don rìgh ceud agus fichead tàlann òir, agus ro‑mhòran de spìosraidh, agus clachan luachmhor: agus cha robh riamh a leithid seo de spìosraidh is a thug bànrighinn Shèba do rìgh Solamh. Faic an caibideil |
Agus nuair a chuala bànrighinn Shèba cliù Sholaimh, thàinig i a dhearbhadh Sholaimh le ceistean cruaidhe gu Ierusalem, le cuideachd ro‑mhòir, agus le càmhail a’ giùlan spìosraidh agus òir ann am pailteas, agus chlachan luachmhor: agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh Sholaimh, labhair i ris gach nì a bha na cridhe.