Gidheadh cha do chreid mi am briathran gus an tàinig mi, agus gum faca mo shùilean; agus, feuch, cha d’innseadh dhomh leth meud do ghliocais: chaidh thu thar an iomradh a chuala mi.
Guma beannaichte an Tighearna do Dhia a ghabh tlachd annad gu do chur air a rìgh-chathair, gu bhith ann ad rìgh airson an Tighearna do Dhia: a chionn gun do ghràdhaich do Dhia Israel, a‑chum an daingneachadh gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh os an cionn, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.
Aon nì ghuidh mi air an Tighearna, sin iarraidh mi, a bhith am chòmhnaidh ann an taigh an Tighearna rè uile làithean mo bheatha, a‑chum gum faicinn maise an Tighearna, agus gum fiosraichinn na theampall;
A thubhairt ra athair agus ra mhàthair, Chan fhaca mi e; agus cha do ghabh e ra bhràithrean, agus cha d’aithnich e a chlann fhèin: oir choimhead iad d’fhacail, agus ghlèidh iad do choicheangal.