Gidheadh cha do chreid mi am briathran gus an tàinig mi, agus gum faca mo shùilean; agus, feuch, cha d’innseadh dhomh leth meud do ghliocais: chaidh thu thar an iomradh a chuala mi.
Gidheadh, cha do chreid mi na briathran gus an tàinig mi agus gum faca mo shùilean fhèin e; agus, feuch, cha d’innseadh a leth dhomh: chaidh do ghliocas agus do shoirbheachadh thar an iomraidh a chuala mi.
Agus bha e glic thar gach duine, thar Etan an t‑Esrahach, thar Heman, agus Chalcol, agus Darda, mic Mhahoil: agus bha a chliù anns gach dùthaich mun cuairt.
Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe duine, na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha.
A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e.