2 Eachdraidh 9:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus biadh a bhùird, agus suidhe a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd-frithealaidh agus an trusgan, agus a ghillean-cupain agus an trusgan, agus a dhol-suas air an deachaidh e suas gu taigh an Tighearna, cha robh spiorad innte nas mò. Faic an caibideil |
Agus dh’amhairc i, agus, feuch, sheas an rìgh làimh ra phost aig an dol a‑steach, agus na h‑uachdarain agus na trompaidean làimh ris an rìgh; agus rinn uile shluagh na tìre gàirdeachas, agus rinn iad fuaim le trompaidean, agus an luchd-seinn le innealan-ciùil, agus iadsan a bha eòlach air moladh: agus reub Ataliah a h‑aodach, agus thubhairt i, Foill, foill!
A Thighearna, guidheam ort, biodh do chluas a‑nis furachair ri ùrnaigh do sheirbhisich, agus ri ùrnaigh d’òglaich, leis am miann eagal d’ainme a bhith orra: agus soirbhich, guidheam ort, led sheirbhiseach an‑diugh, agus thoir dha tròcair ann an sealladh an duine seo. A‑nis bha mise am ghille-cupain aig an rìgh.
Agus thèid an t‑uachdaran a‑steach air slighe sgàth-thaigh a’ gheata an taobh a‑muigh, agus seasaidh e aig ursann a’ gheata, agus deasaichidh na sagartan a thabhartas-loisgte, agus a thabhartasan-sìthe, agus nì e adhradh aig stairsnich a’ gheata: an sin thèid e a‑mach, ach cha druidear an geata gu anmoch.