Agus biadh a bhùird, agus suidhe a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd-frithealaidh agus an trusgan, agus a ghillean-cupain agus an trusgan, agus a dhol-suas air an deachaidh e suas gu taigh an Tighearna, cha robh spiorad innte nas mò.
Thugaibh fa‑near na lilidhean, cionnas a tha iad a’ fàs: chan eil iad a’ saothrachadh, no a’ snìomh: gidheadh tha mi ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na ghlòir uile air a sgeadachadh mar aon dhiubh seo.
Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe.