Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 9:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Sholaimh, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Nàtain am fàidh, agus ann am fàidheadaireachd Ahiah an Silonach, agus ann an seallaidhean Ido am fear-seallaidh an aghaidh Ierobòaim mhic Nebait?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus chuir an Tighearna Nàtan a dh’ionnsaigh Dhaibhidh; agus nuair a thàinig e da ionnsaigh, thubhairt e ris, Bha dithis fhear ann an aon bhaile, fear dhiubh beartach, agus am fear eile bochd.

Agus chuir e fios le làimh an fhàidh Nàtan, agus thug e Iedidiah mar ainm air, airson an Tighearna.

Ach cha robh Sadoc an sagart, agus Benaiah mac Iehoiada, agus Nàtan am fàidh, agus Simei, agus Rei, agus na fir threuna, a bhuineadh do Dhaibhidh, maille ri Adoniah.

Agus Ierobòam mac Nebait, Ephratach o Shereda, seirbhiseach do Sholamh (agus b’e ainm a mhàthar Seruah, bantrach), thog eadhon esan a làmh an aghaidh an rìgh.

Agus thachair anns an àm sin, air dol do Ierobòam a‑mach à Ierusalem, gun d’fhuair am fàidh Ahiah an Silonach e anns an t‑slighe, agus e sgeadaichte le trusgan ùr: agus bha iad nan dithis leo fhèin anns a’ mhachair.

Agus thubhairt Ierobòam ra mhnaoi, Eirich a‑nis, agus cuir thu fhèin ann an coslas eile, air chor is nach aithnich iad gur tu bean Ierobòaim; agus imich do Shiloh: feuch, an sin tha Ahiah am fàidh, a dh’innis dhòmhsa gum bithinn am rìgh air an t‑sluagh seo.

A‑nis gnìomharan Dhaibhidh an rìgh, eadar thoiseach agus dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar Shamueil am fear-seallaidh, agus ann an leabhar Nàtain am fàidh agus ann an leabhar Ghad am fear-seallaidh,

Agus nuair a chuala Ierobòam mac Nebait sin, a bha anns an Eiphit, far an do theich e o ghnùis rìgh Solamh, thill Ierobòam as an Eiphit.

A‑nis gnìomharan Rehobòaim, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Shemaiah am fàidh, agus Ido am fear-seallaidh, mu thimcheall ghinealach? Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè an làithean uile.

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Abiah, agus a shlighean, agus a bhriathran, tha iad sgrìobhte ann an eachdraidh an fhàidh Ido.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan