2 Eachdraidh 9:24Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thug iad leo gach fear a thìodhlac, soithichean airgid, agus soithichean òir, agus trusganan, agus airm, agus spìosraidh, agus eich, agus muileidean, cuibhreann bliadhna anns gach bliadhna. Faic an caibideil |
Agus thàinig a bhràithrean uile da ionnsaigh, agus a pheathraichean uile, agus iadsan uile dom b’aithne e roimhe, agus dh’ith iad aran maille ris na thaigh; agus bha truas aca dheth, agus thug iad comhfhurtachd dha a‑thaobh an uilc uile a thug an Tighearna air: agus thug iad dha gach aon dhiubh bonn airgid, agus gach aon dhiubh cluas-fhàinne òir.